Eachann nan Cath

Seo pìos mu dheidhinn gaisgeach Gàidhealach às an sgìre againn fhèin. Cò agaibh a tha air a bhith shuas aig an tùr a tha a’ coimhead thairis air Inbhir Pheofharain? Tha an tùr sin na charragh-chuimhne dha. Tha e inntinneach gun robh e na shaighdear ann an Afghanistan. Co-mheud saighdear Gàidhealach atha thall an sin an-drasta?

(Dè tha na facail neo na h-abairtean ann an dubh a’ ciallachadh?)

Cliù Eachainn nan Cath ga Ùrachadh

‘B e Eachann MacDhòmhnaill fear de na saighdearan a b’ ainmeile bho linn Bhictoria – ach tha dragh air cuid ann an Siorrachd Rois gu bheil cliù Eachainn nan Cath air a dhol air diochuimhne.

Rugadh Eachann MacDhòmhnaill ann an 1853 air tuathanas san Eilean Dubh.

Choisinn e chliù dha fhèin anns na cogaidhean Afganach, Innseanach is Afraganach chun na h-ìre is gun do dh’ èirich e gu bhith na Mhàidsear-Seanailear agus na Ridire.

Bha seo aig àm nuair a bha glè bheag de dhaoine ag èirigh suas gu àrd ìre bho thaobh a-staigh an airm fhèin.

“Tha mi a’ creidsinn gur e duine uamhasach comasach a bh’ann, sàr shaighdear a bh’ann”, thuirt Seumas Grannd, aig a bheil cairdeas teaghlaich ri Eachann nan Cath.

“Chaidh e dhan airm nuair a bha e 17 – taobh a-staigh trì bliadhna bha e na Shergeant”, thuirt e.

Tha cuid de na dòighean sabaid a bh’aig Eachann nan Cath gan cleachdadh suas chun là an-diugh.

Farmad

Tha e coltach ge-tà gun do chuir na comasan aig Eachann nan Cath, agus cho luath sa ràinig e àrd ìre san airm, cuthach air feadhainn eile san airm.

Chaidh a chur às leth Eachann nan Cath gun robh e ri fearas-feise.

Goirid as dèidh sin, ann an 1903, chaidh fhaighinn marbh ann an taigh-osta ann am Paris, is coltas ann gun robh e air làmh a chur na bheatha fhèin.

Bha na h-uidhir de chonnspaid mu thimcheall air a bhàs ge-tà.

“Nuair a thàinig e bhràthair a-mach chan fhaca e an corp aige”, thuirt Seumas Grannd.

“Nuair a chaidh a thoirt air ais a Bhreatainn, chaidh a thiodhlaigeadh aig leth uair as dèidh sia sa mhadainn ann an Dùn Èideann.

“Bha an rud car neònach”, thuirt e.

Fathanan

Bha fathanan fiù ‘s – nach deach a-riamh a dhearbhadh – nach do chuir Eachann làmh na bheatha fhèin idir, is gur ann a chaidh e na shaighdear ann an airm na Gearmailt.

Tha mòran den bheachd gur e mar a fhuair Eachann MacDhòmhnaill bàs a bu choireach airson nach eil cuimhne cheart air san là a th’ann.

‘S e sin a tha a’ fàgail gu bheil Comann Chlann Dòmhnaill a-nise airson ath-nuadhachadh a thoirt air dìleab Eachainn nan Cath.

Tha iad a’ comharrachadh a cho là breith an t-seachdainn seo le ciùrm aig an tùr ann an Inbhir Pheofharan a thogadh mar chuimhneachan air.

Tha iad an dòchas gur e toiseach-tòiseachaidh a tha sin – gun cuir daoine eòlas a-rithist air na rinn Eachann nan Cath.

Leughaibh tuilleadh mu dheidhinn air a’ cheangal seo…

http://www.ambaile.org.uk/gd/item/item_photograph.jsp?item_id=35330

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google photo

You are commenting using your Google account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s