Àrd-Sgoil 1-3

Tha A.S 1 air a bhith a’ cruinneachadh gach tràth ditheid Dihaoine a-nis airson beagan sheachdainnean ‘s iad a’ cur còmhlan-ciùil ùr air dòigh, Crosgag.  Bidh iad a’ cluich a’ chiad ‘ghig’ aca aig Mòd Inbhir Nis a tha a’tighinn am bàrr an-ath-mhios.

Bidh iad a’seinn rudeigin gu math inntinneach. Rinn Kirsty agus Islay ann an S1 eadar theangachadh air an òran a tha Julie Foulis a’gabhail san fhiolm ‘ Brave ‘

Nì sinn claradh dheth agus cuiridh sinn gu Julie e. Cò aig a tha fios nach seinn i uaireigin e!

Seo na briathran..

GLAC AN SPEUR

Tha gaoitean garbh’ a’gairm
Às na speuran soilleir liath
Tha na beanntan ceòthach gam thaladh
A-mach dhan dealrachd bhreagha

Bidh mi siubhal, bidh mi sgèith
Ruith a’ ghaoth, glac an speur
Bidh mi siubhal, bidh mi sgèith
Ruith a’ ghaoth, glac an speur

Sgeul-rùin falaicht’ sa choille
Na beanntan dàna, àrd’
An loch a’gleidheadh faileis
De na laithean a dh’fhalbh

Bidh mi siubhal, bidh mi sgèith
Ruith a’ ghaoth, glac an speur
Bidh mi siubhal, bidh mi sgèith
Ruith a’ ghaoth, glac an speur

Èistidh mi rin sgeulachd
Mo bhruadar leanaidh mi
Le neart is cumhachd na mara
‘S iolair’ na mo chridhe

Bidh mi siubhal, bidh mi sgèith
Ruith a’ ghaoth, glac an speur
Bidh mi siubhal, bidh mi sgèith
Ruith a’ ghaoth, glac an speur

Briathran – ©Alasdair L. Mandal & Mark Andrews
Eadar theangachadh – ©Kirsty Wilson & Islay Ghrannd, Acadamaidh Inbhir Pheofharain

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google photo

You are commenting using your Google account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s